Aonghas Phàdraig Caimbeul

Buinidh Aonghas Phàdraig Caimbeul do dh’Uibhist a Deas. Ghabh e Ceum ann am Poileataics agus Eachdraidh an Oilthigh Dhùn Èideann, agus on uair sin tha e air a bhith ag obair na fhear-naidheachd, na chraoladair, na sgrìobhaiche agus na chleasaiche. The e air grunn nobhailean agus ceithir chruinneachaidhean de bhàrdachd fhoillseachadh. Tha e dèidheil air ball-coise agus chluich e turas aig Hampden ann an Cuach na h-Alba. ‘S toigh leis an t-seinn aig Criosaidh ‘Denny’ agus Chet Baker.